Gàidhlig | English  
Mur deidhinn
Còisir Ghàidhlig Lodainn
Is e Còisir Ghàidhlig Lodainn, a chaidh a stèidheachadh ann an 1985, an còisir as òige den dà chòisir inbheach Ghàidhlg a tha ann an sgìre Dhùn Èideann. Tha timcheall air ceathrad ball gnìomhach againn le riochdachadh bho gach raon aois eadar 18 agus 80. Mar a thuigear bhon ainm, bidh sinn a' seinn anns a' Ghàidhlig agus a' gabhail pàirt ann am farpaisean Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba gach bliadhna, a' toirt a-steach am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair. Bidh sinn ann am farpaisean Còisir mar làn chòisir agus mar chòisirean Fhir agus Mhnathan. A bharrachd air an sin tha grunn sheinneadaran soirbheachail fa-leth againn còmhla ri luchd-ciùil tàlantach.
 
Ar n-amasan>
 
Ar n-amasan
Tha làn-amasan a' Chòisir air a lìbhrigeadh anns a' Bhonn-stèidh agus na Riaghailteanaca, ach ann am beagan bhriathran 's iad sin a bhith ag adhartachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig an Dùn Èideann agus air feadh na h-Alba, agus a bhith a' toirt taic mar as urrainn dhuinn do bhuidhnean eile aig a bheil amasan a tha co-chosmhail.
 
<Còisir Ar 20mh Ceann-bliadhna>
Ar 20mh Ceann-bliadhna
B'e 2005 an 20mh ceann-bliadhna aig a' Chòisir agus chomharraich sinn sin le tomhas de stoidhle le bhith a' dol gu Mòd Vancouver ann an Canada. Bha an turas air leth soirbheachail agus tha sinn mu thràth a' beachdachadh air tuilleadh thurasan eadar-nàiseanta mar seo airson a' Chòisir.
Cruinnachadh de dhuaisean a choisinn an Còisir aig Mòd Vancouver 2005.
Cruinnachadh de dhuaisean a choisinn an Còisir aig Mòd Vancouver 2005
 
Gus ar ceann-bliadhna iomraiteach a dhèanamh nas sònraichte buileach, choimisean sinn am Bàrd Gàidhlig ainmeil Aonghas Dubh MacNeacail bàrdachd a sgrìobhadh dhuinn. Sgrìobh Aonghas "Òran Lodainn" agus tha sinn air faighinn a-mach bhon uairsin gus e seo a' cheud bàrdachd Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh mu sgìre Lodainn o chionn còrr is 100 bliadhna. Tha sinn a' toirt taing do dh' Anna NicDiarmaid airson an rèiteachadh-ciùil brosnachail a sgrìobh i airson a' bhàrdachd seo.
 
<Ar n-amasan Cothroman Cruinneachaidh>
 
Cothroman Cruinneachaidh
Bìdh sinn a' cruinneachadh còmhla mar as trice air oidhche Dhiardaoin eadar 7.30f agus 9.30f aig Bun-sgoil Chrois na Cìse agus tro Shaor-làithean an t-Sàmhraidh, thig buidhnean beaga còmhla gu no-fhoirmeile ann an diofar àiteachan, mas as trice ann an dachaighean bhuill.
 
Aig amannan-cruinneachaidh bìdh sinn ag ionnsachadh na h-òrain farpaiseach airson Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, a bharrachd air òrain eile, ùr no sean, gus cumail suas tasgadh a' Chòisir a chleachdas iad aig tachartasan ciùil san àm ri teachd. Bithear a' cumail ìre seinn a' Chòisir, ann am farpaisean no air a chaochladh, aig àrd-ìre, agus cuidichidh làthaireachd aig amannan-cruinneachaidh agus obair taobh a-muigh nan cothroman sin, buill gus an inbhe seo a chumail suas agus cothrom a bhith a dh' ionnsaigh ìre taghaidh airson Còisirean farpaiseach.
 
Bithear a' foillseachadh CDn agus teipíchean airson na ceithir earrannan den Chòisir (Soprano, Alto, Tenor, Bass) agus tha iad seo air leth deatamach chan ann a-mhàin dhaibhsan nach urrainn ceòl a leughadh no ionnstramaid a chluich, ach airson gach ball a bhith ag obair leotha agus eadhon a bhith a' seinn nan cois tron t-seachdain. An cois seo tha clàradh beòil de na faclan, gus cuideachadh a thoirt le bhith ag ionnsachadh a' Ghàidhlig agus a bhith ag ionnsachadh an òrain. Tha mòran de fhileantaich Gàidhlig dùthchail is eile sa Chòisir a tha an còmhnaidh deònach luchd-ionnsachaidh a chuideachadh.
 
Is e obair thartmhor a tha ann an seinn, agus an dèidh amannan-cruinneachaidh gabhaidh i sinn ar n-anail aig Taigh-òsta Chinn an Iar, Palmerston Place (faisg air Cathair-eaglais an Naomh Muire) le deoch, còmhradh agus is dòcha rann no dhà eile de dh' òrain.
 
<Ar 20mh Ceann-bliadhna Comataidh>
 
Comataidh 2006
 
Ceann-suidhet
Ceann-suidhe: Iain Macleòid  (Tenor)  Iain Macleòid Is e neach-labhairt dùthchasach fileanta à Leodhas a th'ann an Iain Macleòid agus ged a bhiodh e gu math tric a' gabhail pàirt ann am Mòdan, cha robh dùil aige a bhith na bhall de chòisir. Is e an nighean aige Màiri a shlaod e gu oidhche cruinneachaidh nuair a bha i 16 agus ùidh aice a bhith an sàs anns a' Chòisir. 'S ann an 2002 a bha sin, agus ged a tha Màiri air falbh bhon uairsin gus Colaiste Chiùil Rìoghail Manchester a fhrithrealadh, cha d' fhuair Iain cothrom teicheadh fhathast.
 
Neach-stiùiridh
Neach-stiùiridh: Jackie Cotter (Soprano) Is e ball stèidheachaidh den Chòisir a tha ann an Jackie Cotter agus chaidh a cur san dreuchd "làn-ùine" an dèidh don chòisir a bhith cho soirbheachail aig Mòd Lochabair 1999. A bharrachd air a bhith a' stiùireadh an làn-Chòisir agus Còisirean nam Fir agus nam Mnathan, bìdh i a' cur beagan ùine ma seach airson a bhith a' seinn ann am farpaisean aon-neach aig a' Mhòd agus o chionn ghoirid fhuair i troimhe chun chuairt dheireannaich de fharpais an Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Tha Jackie na stiùiriche a tha gu math easgaidh agus dìcheallach agus tha i ainmeil air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig airson na diofar bhrògan dearga a bhios oirre.
 
Neach-teagaisg na Gàidhlig
Neach-teagaisg na Gàidhlig : Catriona NicFhionnghuin Tha Catriona NicFhionnghuin cuideachd air a bhith còmhla rinn bhon toiseach agus is ann oirre a laigheas an uallach dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig a' chòisir seasmhach agus aig àrd-inbhe. Bheir i comhairle don chòisir a thaobh fuaimneachadh ceart agus mìneachadh air briathran nan òrain Ghàidhlig. Bheir sin cuideachadh dhuinn gus dòigh-labhairt agus faireachdainnean ceart a chur ann an seinn nan òrain.
'S ann do dh'Eirisgeigh a bhuineas Catriona agus tha i a' cumail a-mach gun do dhòl I uisge beatha bhon SS Politician (am bàta ainmeil a chaidh air na creagan agus a thug spionnadh do Whisky Galore le Chompton MacCoinnich
 
Rùnairean
Rùnairean: May Logan (Alto) Is e ball stèidheachaidh den Chòisir a tha ann am May Logan. Is e a’ chuimhne còisireil as fheàrr leatha a bhith a’ draibheadh tro Challander air a slighe dhachaigh bho Mhòd a’ Ghearastain ann an 1999. “Bha mi air teicheadh as dèidh na farpais seach gu robh sinn a’ dol a Phortagal aig 4.00m an ath mhadainn. Dh’ fhalbh am fòn-làimh agam agus bha Jackie a’ ràdh “choisinn sinn, choisinn sinn” Dè a b’ urrainn do chaileag dèanamh? Thionndaidh mi an car agus thill mi nam chabhaig chun Ghearastan le deòirean toileachais nam shùilean mus do dhraibh mi dhachaigh gu Fauldhouse ann am meadhan na h-oidhche”.
 
Rùnairean: Deirdre Nicleòid  (Soprano) Cheangail Deirdre Nicleòid i fhèin ris a’ Chòisir ann an 2003 ach tha i a’ dèanamh a-mach gur e mearachd uamhasach a rinn i seach gur ann a bha i dà-rìribh a’ lorg Lothian Dalek Hire.
Thathas a’ smaoineachadh gun leig Deirdre às on uairsin a bhith a’ sealg nan Daleks agus gur e an adhbhar a thàinig i còmhla rinn gu robh an ùidh aice air leudachadh anns na ceanglaichean teaghlaich aice ri Leòdhas.
 
Ionmhasair
Ionmhasair: John Boa (Bass) Tha John Boa air a bhith na bhall den Chòisir bho 1999, agus tha e air soirbheachadh gu mòr bhon uairsin, a’ cosnadh Aigeallan Airgid nam Fir ann an 2001 agus air faighinn troimhe gu Cuairt Dheireannaich a’ Bhuinn Òir dà thuras, a’ criochnachadh san 2mh àite (2004) agus san 4mh àite (2005).

 
Neach-gairm Shòisealta
Neach-gairm Shòisealta : Kevin McAndie (Tenor) Thàinig Kevin McAndie chun chòisir ann an 2003 an dèidh ùine ghoirid a chaitheamh na Bhall-leaghaidh. Bha dragh air gu faodadh an t-seinn aige a dhol cus an aghaidh na h-òl, ach cha do chur sin dragh air glè fhada nuair a cheangail e e fhèin ris na Tenors.
 
Buill Comataidh
Buill Comataidh: Màrtainn Gourlay  (Tenor) Bha Màrtainn Gourlay na bhall den chòisir an toiseach ann an 1989 ach an deidh dha beagan anail a ghabhail, thill e air ais ann an 2000. Bidh Màrtainn a’ cluiche am mandolin ann an còmhlan ceilidh a’ Choisir fhèin, agus tha e an-drasta a’ sgrìobhadh dannsa ùr leis an t-ainm “Bàta-aiseig Steòrnabhagh”, a bhrosnaich e nuair a thill iad air an aiseig gu Ulapul an dèidh Mòd na bliadhna an-uiridh.
 
Buill Comataidh: Ceitidh Nic a’ Ghobhain  (Soprano) Thàinig Ceitidh Nic a’ Ghobhain an lùib Còisir Lodainn tro chur-thairis an-asgaidh bho Chòisir an t-Srath sa bhliadhna 2004 agus i air gluasad bho Chaol Lochailse a Dhùn Èideann airson a dhol don oilthigh. Chum Ceitidh orra leis an t-soirbheachas a bha aice na farpaiseach òg aig a’ Mhòd, le bhith a’ cosnadh Aigeallan Airgid nam Mnathan anns a’ chiad bliadhna inbheach aice ‘s na farpaisean.
 
Buill Comataidh: Cairistiona Mhoireasdan (Alto) Tha Cairistiona Mhoireasdan air a bhith a’ seinn ann an iomadach còisir roimhe seo (Na Lochan, Gòrdan agus Obar Dheathain) agus thàinig i an lùib Còisir Lodainn le cur-thairis an-asgaidh ann an 1999. Na bana-Leòdhasach, is e Cairistiona aon de na grunn luchd-labhairt dùthchasach Gàidhlig a tha againn.
 
<Practices