|
|
| Fàilte |
| Tha timcheall air ceathrad ball de dhiofar aoisean aig Còisir Ghàidhlig Lodainn, a bhios, mar a bhiodh dùil, a' seinn sa Ghàidhlig agus a' gabhail pàirt ann an iomadh Mòd Ionadail air feadh na h-Alba gach bliadhna, a' toirt a-steach Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair. A bharrachd air farpaisean bidh sinn a' gabhail pàirt ann an tachartasan leithid Iomall Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus gu tric gheibh sinn cuireadh pàirt a ghabhail ann an cruinneachaidhean sòisealta. |
| |
| Thigibh còmhla rinn |
| Tha sinn a' cur fàilte air buill ùr le diofar chomasan uair sam bith. Eadar 's gu bheil thu fileanta sa Ghàidhlig no nad fhìor neach-ionnsachaidh aig a bheil ùidh a' Ghàidhlig ionnsachadh, no is dòcha gun bheil ceòl agus cultar na Gàidhlig a' còrdadh riut, gheibh sinn àite dhut. Airson tuilleadh fiosrachaidh seall air duilleag Thigibh còmhla rinn. |
| |
 |
| Còisir Ghàidhlig Lodainn còmhla ri Aonghas Dubh MacNeacail, Àird nan Saighead 2005 |
|